|
||||||||
Deireadh-seachdain trèanaidh Sradagan25mh Ògmhios 2008 Thuirt Fay NicDhiarmaid, Manaidsear Phròiseactan Òigridh “Bha deireadh-seachdain trèanaidh againn ann an Inbhir Nis airson luchd-stiùiridh is comataidhean Sradagan. Chòrd an tachartas ris a h-uile duine a bha an làthair is fhuair sinn beachdan is smuaintean bho na bùthan-obrach againn. Choinnich sinn san Taigh- òsda Craigmonie air oidhche Haoine airson dìnnear is airson eòlas fhaighinn air càch a chèile. Air Disathairne thòisich sinn le trèanadh, còmhla ri Rae NicEacharna bho Fèisean an Gàidheal, air plana airson a bhith a’ ruith buidheann Sradagan– mar a chì sibh bhon dealbh bha seo gu math beòthail is inntinneach. As dèidh sin bha bùthan-obrach againn is fhuair sinn cothrom deasbad air cuspairean eadar-dhealaichte. An uairsin chruinnich sinn air ais còmhla airson bruidhinn air na cuspairean is beachdachadh air an t-slighe air adhart. Bha seo feumail is tha sinn an dòchas nach bi e ro fhada gus an cuir sinn feadhainn de na rudan air dòigh - mar a chanas iad “watch this space!” Seo feadhainn de na beachdan a bh’ aig cuid na bha làthair.” “Bha na cuspairean gu math feumail is bha an trèanadh neo-fhoirmeil - a’ ciallachadh gu robh e furasta smuaintean is eòlas a roinn” “Mòran taing airson an trèanadh seo is tapadh leibh – tha e math gu bheil CnaG a’ cur luach air an obair a tha sinn a’ dèanamh gu saor-thoileach.” “Chòrd an trèanadh rium is bha e gu math feumail. Molaidhean math air tighinn as. Bha e math coinneachadh ri luchd-stiùiridh eile is bruidhinn air smuaintean.” “Bha seo cho neo-fhoirmeil is mar sin bha e gu math spòrsail – bha cothrom againn bruidhinn air rud sam bith an àite a bhi faireachdainn gum feumadh rudan fuireach mar a tha iad an dràsta.”
|
Fàilte | Amasan | Naidheachdan | Mapa | An t-Sradag | Ceanglaichean | Cuir Fios Gu |
Pòst-d: oifis@sradagan.org |