English
Clann aig Eurowsnow, San Vigilio

Air ùrachadh 12/11/08

Bùthan-obrach aig Mòd 2008 (air ùrachadh)

Deireadh-seachdain trèanaidh Sradagan

Cèilidh Sradagan Thiriodh

Bùthan-obrach aig am Mòd (air ùrachadh)

Fiosrachadh mu dheidhinn an tuaras dhan Ionad Saidheans sa Chèitean.

Gheibhear Stiùireadh air riaghailtean OSCR airson buidhnean Sradagan air làrach ChnaG.

Tha fiosrachadh mu dheidhinn na pàrtaidhean Nollaige sa Ghearasdan agus ann an Glaschu air làrach-lìn ChnaG.

Tha sanas naidheachd mu dheidhinn Campaichean 2006 air làrach ChnaG.

Tha dealbhan agus beachdan bho turas Eurosnow air làrach-lìn ChnaG.

Tha dealbhan is eile a-mach air là Sradagan na Nollaige ann an Chille Mhearnaig ri fhaighinn air làrach ChnaG.

Tha dealbhan bhon campa samhraidh ri fhaighinn a-nis. Bha buidheann Ameireaganaich 'People to People' còmhla riutha 'son greis cuideachd.

Seall air na dealbhan bho turas Thiriodh!

Tha dealbhan bho Sradagan aig Ionad Loch Iall ri fhaighinn an seo.

Tha sinn an dàchas gun còrd e ribh a bhith a’ tadhal air an làrach-lìn seo. Ma bhios beachdan no sgeulachdan sam bith agaibh, leigibh fios gu: oifis@sradagan.org

 

A bheil sgilean sònraichte agad? ......

Mar dràma, ceòl, seinn, ealain, dannsa, sgeulachdan, ball-coise, iomain, geamannan

A bheil ùidh agad ann a bhith ag obair le cloinn?

Ma tha ........

Tha sinn a’ lorg daoine a bheir taic dha na buidhnean Sradagan air feadh na h-Alba bho àm gu àm agus tha sinn cinnteach gum bi fealla-dhà gu leòr ri fhaighinn!

Bi tuarastal an cois na h-obrach seo.

Ma tha ùidh agad ann a seo cuir fios gu:

A’ Ghàidhealtachd is Obar Dheathain

Marion Pheutan - 01463 234 138

Na h-Eileanan an Iar

Calum Iain MacLeòid - 01851 701802

An t-Eilean Sgitheanach

Fay NicDhiarmaid - 01478 611 900

Na buidhnean aig Deas

Coinneach Combe - 0141 339 2022

 

Dìon Chloinne

Tha e riatanach gu bheil eòlas aig comataidhean agus luchd-obrach gach buidheann Shradagan air na poileasaidhean agus na riaghailtean a tha ann a thaobh rianachd nam buidhnean. Aig toiseach na teirm seo bidh luchd-leasachaidh Shradagan aig Comunn na Gàidhlig a’ tadhal air gach buidheann airson coinneachadh ri pàrantan agus luchd-stiùiridh le pasgain fiosrachaidh as am bi na leanas:


  Poileasaidh Dìon Chloinne (Cruth Word sa Bheurla)

  Fiosrachadh air Dearbhaidhean Clàr-eucorach

  Leabhar Rianachd

  Àrachas

Tha e deatamach gun cuir gach buidheann na poileasaidhean seo an gnìomh gus maith na cloinne a tha frithealadh nam buidheann a ghleidheadh a bharrachd air a’ luchd-cuideachaidh agus na buidhnean fhèin a dhìon.



Pòst-d: oifis@sradagan.org