|
||||||||
Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan. Tha Sradagan a' toirt cothroim do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le daoine eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn aig nach eil sgeul air Gàidhlig ach san sgoil. Ma tha Gàidhlig ri mairsinn na cànain 'bheò' feumar a cleachdadh taobh a-muigh ar sgoiltean agus nar coimhearsnachdan. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anabarrach cudromach dhan Ghàidhlig san am tha romhainn agus tha buidhnean nan Sradagan na innleachd taice tha deatamach do dh'fhoghlam.
Tha Sradagan mar dhrochaid eadar sgoiltean is a' choimhearsnachd. Tha clann gam misneachadh gu bhith cleachdadh an Gàidhlig ri diofar dhaoine an diofar shuidheachaidhean agus earbsa ghlacadh nan comas Gàidhlig a chur gu feum. Feumaidh an cleachdadh a bhith cur na Gàidhlig gu feum taobh a-muigh a' chlas a bhith stèidhichte mus fàg clann an sgoil. Ma tha ùidh aig pàrantan anns a’ choimhearsnachd agaibh ann an leithid de bhuidheann a stèidheachadh, leigibh fios thugainn aig Comunn na Gàidhlig. Thèid coinneamh an uairsin a chur air dòigh airson fiosrachadh agus stiùireadh a thoirt dhuibh ann a bhith a’ stèidheachadh na buidhne. Bidh a’ bhuidheann a’ cruinneachadh ann an togalach a tha freagarrach airson na coimhearsnachd. Coinnichidh a’ bhuidheann co-dhiù uair san t-seachdain airson còrr is uair a thìde.
Bathar ri fhaighinn bho Chomunn na Gàidhlig:
Cuir fòn no post-d gu CnaG Inbhir Nis airson barrachd fiosrachaidh. |
Fàilte | Amasan | Naidheachdan | Mapa | An t-Sradag | Ceanglaichean | Cuir Fios Gu |
Pòst-d: oifis@sradagan.org |